Translation

English (United States)
English (United States) Gaelic
PeerTube documentation website development and maintenance; Leasachadh ⁊ obair-ghlèidhidh air làrach-lìn docamaideadh PeerTube;
PeerTube support and discussions on bugtrackers, forum, IRC or by email; Sgioba-taice PeerTube agus deasbadan air tracaichean nam buga, air a’ bhòrd-bhrath, air IRC no air a’ phost-d;
Pull requests/merge requests reviews, merges, and support of features added by external contributions (bug fixes, documentation, refactor, etc.); Lèirmheasan air Pull Requests/Merge Requests, merges agus taic ri gleusan a chaidh a chur ris le luchd-cuideachaidh aon taobh a-muigh (càradh air bugaichean, docamaideadh, refactoring is msaa.);
Maintenance of several PeerTube instances (peertube.cpy.re, peertube2.cpy.re, etc.). Obair-ghlèidhidh air iomadh ionstans PeerTube (peertube.cpy.re, peertube2.cpy.re is msaa.).
Moreover, Chocobozzz works on internal Framasoft's projects (Framapad, Framatalk, etc.). In other words, the management of PeerTube projects is operated by only one employee, who has other responsabilities in addition to his workload. A bharrachd air sin, tha Chocobozzz ag obair air pròiseactan taobh a-staigh Framasoft (Framapad, Framatalk is msaa.). Air deireadh na sgeòil, chan eil na pròiseactan PeerTube ‘san stiùireadh ach le aonar luchd-fhastaidh air a bhios dleastanasan-obrach eile cuideachd.
Other Framasoft's volunteers and salaried members also contribute to the PeerTube project on various aspects (strategy, communication, development, community animation). Nevertheless, PeerTube is not developed by a startup with a team of 50 people, and a workflow full of hyper-formatted processes. Cuiridh luchd saor-thoileach agus buill fastaichte Framasoft eile ri pròiseact PeerTube cuideachd o iomadh taobh (ro-inleachd, conaltradh, leasachadh, brosnachadh na coimhearsnachd). Gidheadh, chan eil PeerTube ’ga leasachadh le startup aig a bheil 50 luchd-obrach ’s fo sruthadh-obrach làn pròiseasan glè fhòrmataichte.
Framasoft will therefore takes the time to improve the software progressively, at its own pace and with its atypical methods which, so far, have proven to be rather effective. Air an adhbhar sin, bheir e ùine ach an doir Framasoft piseach air a’ bhathar-bhog beag air bheag ’s air an astar againn fhìn agus leis na dòighean neo-chumanta againn fhèin a tha air a bhith caran èifeachdach gu ruige seo.
No it is not. Chan eil.
PeerTube is a software created, developed and maintained by Framasoft, a French non-profit popular educational organization on digital issues. Framasoft has a French culture, respects French laws and is a political actor (« who participates in the life of the city-state ») of civil society. ’S e bathar-bog a th’ ann am PeerTube a tha ’ga chruthachadh, ’ga leasachadh ’s ’ga ghlèidheadh le Framasoft, seo buidheann neo-phrothaideach Frangach a tha ag amas air foghlam a thoirt dhan mhòr-shluagh mu chùisean digiteach. Tha dualchas Frangach aig Framasoft agus spèis againn air laghan na Frainge agus tha sinn ’nar gnìomhaiche poilitigeach (“a ghabhas pàirt ann am beatha na stàite-bhaile”) san t-sòisealtas shìobhalta.
PeerTube is part of several actions assembled by Framasoft in the Contributopia roadmap. These actions aim to propose alternative digital tools to those coming from surveillance capitalism, so that people who do not recognize themselves in such a system can create spaces of freedom. Tha PeerTube am measg nan gnìomhan a chruinnich Framasoft air mapa-rathaid Contributopia. Tha na gnìomhan sin ag amas air roghainn eile de dh’acainnean digiteach a mholadh dhan fheadhainn a thig às a’ chalpachas caithris ach an urrainn dhan fheadhainn nach eil cofhurtail ann an siostam dhen leithid àitichean saora a chruthachadh dhaibh fhèin.
Consequently, PeerTube development and/or management of websites associated with the PeerTube project (joinpeertube.org, instances.joinpeertube.org, search.joinpeertube.org, etc.) may not please everyone (in particular because of different ideas, ideologies of cultures). A thoradh air sin, dh’fhaoidte nach còrd leasachadh PeerTube agus/no stiùireadh nan làraichean-lìn co-cheangailte ri pròiseact PeerTube (joinpeertube.org, instances.joinpeertube.org, search.joinpeertube.org is msaa.) ris a h-uile duine (gu h-àraidh ris an fheadhainn air a bheil beachdan, ideòlas no dualchas eile).
We respect that, and remind that all software of the PeerTube project is free software and can be installed with their own domain name. Tha suim againn air sin agus bu mhiann leinn cur ’nad chuimhne gu bheil gach bathar-bog aig pròiseact PeerTube saor agus gun gabh a stàladh fon ainm-àrainne agad fhèin.
We can answer with certainty: no! Chan eil sin fainear dhuinn idir!
The ambition remains to be a free and decentralized alternative: the goal of an alternative is not to replace, but to propose something else, with different values, in parallel to what already exists. Bidh sinn ag amas an-còmhnaidh gum mair sinn ’na roghainn eile a tha sgaoilte agus saor: chan eil roghainn eile ag amas gun dèid sinn an àite rud eile ach gun tairg sinn rud ùr le luachan eadar-dhealaichte a thuilleadh air na nithean a tha ann mu thràth.
Yes, Framasoft holds the "PeerTube" trademark in several countries for preventive purposes. Tha, chlàraich Framasoft an comharra-malairt “PeerTube” ann an iomadh dùthaich gu ro-chasgach.
Framasoft affirms here its intention to not use intellectual property for predatory purposes or to constrain legitimate uses of the software. However, Framasoft reserves the right to use trademark law, especially in case of damage to the image of the PeerTube project, edited by Framasoft. Tha Framasoft a’ dearbhadh nach eil sinn ag amas sealbh inntleachdail a chleachdadh air tòir creiche no ag amas air cleachdadh dligheach a’ bhathair-bhog a chuingeachadh. Gidheadh, tha Framasoft a’ glèidheadh na còrach gun cleachdamaid lagh nan comharran-malairt, gu h-àraidh ma thèid cliù a’ phròiseict PeerTube a chaidh a dheasachadh le Framasoft a dhochann.
We recommend you to create your own digital identity, without using "PeerTube" for your project (software name, website domain...) to not confuse people about who is behind the website/project. Mholamaid gun cruthaich thu an aithne dhigiteach agad fhèin gun a bhith a’ cur “PeerTube” air a’ phròiseact agad (ainm a’ bhathair-bhog, na h-àrainn-lìn…) ach nach chuir thu daoine troimhe-chèile a thaobh cò tha air cùlaibh na làraich-lìn/a’ phròiseict.
For more information, please refer to our Trademark Code of Conduct. Airson barrachd fiosrachaidh, thoir sùil air còd-giùlain a’ chomharra-mhalairt againn.
PeerTube is just the name of the software. You can install it on your server, and choose the name you want. For example, Framasoft's PeerTube instance is named Framatube. Chan e ach an t-ainm a th’ air a’ bhathar-bhog a th’ ann am PeerTube. Faodaidh tu a stàladh air an fhrithealaiche agad agus an t-ainm a thogras tu a thaghadh. Mar eisimpleir, tha Framatube air an ionstans de PheerTube aig Framasoft.
For those who want to watch videos Dhan fheadhainn a tha airson coimhead air videothan
Become a part of the broadcasting of the videos you are watching Gabh pàirt ann an craoladh nam videothan fhad ’s a bhios tu a’ coimhead orra
Help the PeerTube website to share videos and lives using P2P Cuidich làrach-lìn PeerTube le co-roinneadh nam videothan ’s nan sruthan beòtha is cleachd P2P
Easily disable P2P in your account if logged-in or in your anonymous settings Cuir P2P à comas gun duilgheadas sa chunntas agad ma tha thu air do chlàradh a-steach no sna roghainnean gun urra mur eil
Customize the interface Gnàthaich an eadar-aghaidh
Update your name, avatar or description in your profile Ùraich d’ ainm, an t-avatar no an tuairisgeul agad air a’ phròifil agad
Set your appropriate NSFW policy (display, blur or hide NSFW videos) Suidhich am poileasaidh a tha iomchaidh dhut a thaobh susbaint inbhich (seall, cuir sgleò air no falaich videothan le susbaint inbhich)
Choose a PeerTube theme to change the look and feel of the interface Tagh ùrlar PeerTube airson coltas na h-eadar-aghaidh atharrachadh
Automatically filter videos depending on their language Criathraich videothan gu fèin-obrachail a-rèir an cànan
Choose your autoplay policy Tagh poileasaidh na cluiche fèin-obrachail dhut
Manage your library Stiùirich an leabhar-lann agad
Use the built-in Watch Later playlist and add easily videos in it Cleachd an liosta-chluich Coimhead air uaireigin eile a thig ’na bhroinn agus cior videothan rithe gun duilgheadas

Loading…

User avatar gunchleoc

Translation uploaded

joinpeertube / mainGaelic

6 days ago
Browse all component changes

Glossary

English (United States) Gaelic
No related strings found in the glossary.

String information

Source string location
src/views/FAQ.vue:185
String age
8 days ago
Source string age
8 days ago
Translation file
src/locale/gd/LC_MESSAGES/app.po, string 249