1 00:00:01,322 --> 00:00:03,385 Dè tha sa cho-shaoghal? 2 00:00:04,427 --> 00:00:05,562 Airson post-d a sgrìobhadh 3 00:00:05,870 --> 00:00:07,404 an leig thu leas clàradh le solaraiche 4 00:00:07,611 --> 00:00:08,505 do charaid-sa? 5 00:00:09,707 --> 00:00:11,305 Dè mu dhèidhinn lìonra an fhòn aca-san? 6 00:00:11,961 --> 00:00:12,898 [Miamh] 7 00:00:13,931 --> 00:00:14,829 Tha fhios nach leig thu leas idir 8 00:00:14,951 --> 00:00:17,892 air sgàth ’s nan stannardan a leigeas leis na seirbheisean sin 9 00:00:17,970 --> 00:00:20,420 conaltradh le duine sam bith 10 00:00:20,607 --> 00:00:22,013 ge b’ e cò an solaraiche aca. 11 00:00:22,667 --> 00:00:24,078 Gun cho-nasgadh, 12 00:00:24,308 --> 00:00:25,350 bhiodh agad ri fo-sgrìobhadh fhaighinn 13 00:00:25,513 --> 00:00:26,513 le iomadh solaraiche. 14 00:00:26,751 --> 00:00:27,537 No nas miosa buileach, 15 00:00:27,735 --> 00:00:28,825 ghabhadh an t-seirbheis leis an àireamh as motha 16 00:00:29,090 --> 00:00:30,911 de luchd-cleachdaidh thairis a h-uile gin eile 17 00:00:31,152 --> 00:00:32,581 agus aig deireadh na sgeòil bhiodh lèir-shealbhachdan 18 00:00:32,959 --> 00:00:34,407 agus cunnart droch-dhìola ann. 19 00:00:35,878 --> 00:00:37,545 Mar sin dheth, carson a bu chòir dhan a h-uile duine fo-sgrìobhadh 20 00:00:37,793 --> 00:00:40,756 air an aon ùrlar gus videothan is teachdaireachdan a cho-roinneadh? 21 00:00:40,989 --> 00:00:43,092 Carson nach eil na lìonraidhean sòisealta ceangailte ri chèile? 22 00:00:43,935 --> 00:00:46,279 Tha gach planaid an-seo coltach ri solaraiche seirbheise. 23 00:00:47,296 --> 00:00:48,595 Le innleachd mheadhanaichte, 24 00:00:48,888 --> 00:00:50,358 chan urrainn dhut conaltradh ach le daoine 25 00:00:50,458 --> 00:00:51,650 a tha air an aon planaid ’s a tha thu fhèin. 26 00:00:53,286 --> 00:00:54,030 Nise, saoil… 27 00:00:54,984 --> 00:00:56,347 gum b’ urrainn dhut conaltradh le daoine 28 00:00:56,360 --> 00:00:57,360 air planaidean eile. 29 00:00:59,173 --> 00:00:59,960 Saoil… 30 00:01:00,422 --> 00:01:02,531 gum b’ urrainn dhut videothan, tachartasan, 31 00:01:02,631 --> 00:01:04,655 grad-theachdaireachdan, meanbh-bhlogaichean… 32 00:01:05,017 --> 00:01:06,295 a cho-roinneadh leis an domhan gu lèir. 33 00:01:07,101 --> 00:01:07,930 Saoil… 34 00:01:08,267 --> 00:01:10,735 nach biodh e gu diofar cò leis a tha thu. 35 00:01:12,051 --> 00:01:14,033 ’S e cànan cumanta a tha sna stannardan 36 00:01:14,239 --> 00:01:15,624 a chùm conaltradh bathair-bhog. 37 00:01:16,500 --> 00:01:18,481 Le clàradh air gin sam bith dhe na seirbheisean seo 38 00:01:18,688 --> 00:01:19,688 ’s urrainn dhut conaltradh 39 00:01:19,788 --> 00:01:21,705 le domhan ioma-dhòigheach 40 00:01:22,306 --> 00:01:24,508 gun a bhith ceangailte ri aon chorporaid a-mhàin. 41 00:01:25,977 --> 00:01:29,004 Seo an domhan co-naisgte. 42 00:01:29,296 --> 00:01:30,254 An co-shaoghal!