Dè th’ ann am PeerTube?
’S e ùrlar videothan le bun-tùs fosgailte a th’ ann am Peertube.
Coltach ri YouTube no Vimeo agus
’s urrainn dhut coimhead air ’s beachdan a chur ris
’s videothan a luchdadh suas air loidhne
ach tha barrachd ri fhaighinn…
gheibh thu barrachd cumhachd na cleachdaiche simplidh!
Faigh làmh an uachdair air an lìon,
is tu a’ stàladh am PeerTube agad fèin!
Co-nasgadh
Gabhaidh ionstansan de PheerTube sioncronachadh.
Ma shioncronaicheas Tiùb-nan-cat ri Tiùb-nan-con,
chì thu gach video de Thiùb-nan-con
air Tiùb-nan-cat cuideachd!
Fuirichidh na videothan air frithealaiche Tiùb-nan-con
fhad ’s a tha iad ’gan sruthadh
gu Tiùb-nan-cat.
Cruthaichidh an co-nasgadh seo
lìonra de videothan
le catalog co-roinnte de videothan
gun a bhith a’ pàigheadh airson barrachd àite air diosgan.
Seo bunait an lìn!
Sruthadh P2P
Cha bhi feum agad air ionad dàta
airson PeerTube a ruith.
Nuair a choimheadas cuideigin air video,
thèid a shruthadh gu dìreach
on ionstans de PheerTube.
Nuair a choimheadas iomadh duine air
an aon video aig an aon àm,
thèid bloighean dhen video a cho-roinneadh
eatorra sa chùlaibh.
Nì an sruthadh Peer-to-peer
sruthadh a’ video seasmhach
agus èifeachdach:
cha doir video soirbheachail
ionstans sìos.
Seo saorsa dhan luchd-chleachdaidh
’S e bathar-bog le bun-tùs fosgailte a th’ ann am Peertube
a tha ’ga leasachadh leis a’ choimhearsnachd.
Nì buidhnean, meadhanan ’s coimhearsnachdan
no duine sam bith an tiùb video aca fhèin,
leis na riaghailtean aca fhèin air glè bheag a chosgais.
Air a’ cheann thall,
nì thu lorg is gheibh thu ballrachd
air an ionstans de Pheertube a bhios iomchaidh dhut-sa.
Faigh làmh an uachdair air an lìon a-rithist,
faigh smachd air thu fhèin,
video air video…
cha leig thu leas ach dol an sàs air PeerTube:
Joinpeertube.org