"title.txt:1" = "Mobilizon"; "short_description.txt:1" = "Acainn airson tachartasan, pròifilean is buidhnean a stiùireadh."; /* Czym jest Mobilizon? Mobilizon jest narzędziem online do zarządzania wydarzeniami, profilami i grupami. - Twoje wydarzenia W Mobilizon możesz utworzyć szczegółową stronę swojego wydarzenia, opublikować ją i udostępnić. Możesz także wyszukiwać wydarzenia według słów kluczowych, miejsca lub daty, uczestniczyć w nich (nawet bez konta) i dodawać je do swojego kalendarza. - Twoje profile Założenie konta na instancji Mobilizon pozwoli ci stworzyć kilka profili (np. osobisty, zawodowy, hobby, aktywizm itp.), organizować wydarzenia i zarządzać grupami. Przed utworzeniem konta w instancji nie zapomnij dowiedzieć się, jak działa ta instancja, czytając jej stronę "O instancji", aby lepiej zrozumieć jej zasady i polityki. - Twoje grupy W Mobilizon każda grupa ma stronę publiczną, na której można zapoznać się z najnowszymi postami i wydarzeniami publicznymi grupy. Osoby zaproszone do dołączenia do grupy jako członkowie i członkinie mogą uczestniczyć w dyskusjach i zarządzać wspólnym folderem zasobów (np. linkami do narzędzia do wspólnego pisania, wiki itp.) */ "full_description.txt:1" = "Dè th’ ann am Mobilizon?\n\n’S e acainn air loidhne a th’ ann am Mobilizon a chuidicheas thu le stiùireadh nan tachartasan, nam pròifilean is nam buidhnean agad.\n\n- Na tachartasan agad\n’S urrainn dhut duilleag mhionaideach air an tachartas agad a chruthachadh air Mobilizon, fhoillseachadh ’s a cho-roinneadh.\n’S urrainn dhut cuideachd tachartasan a lorg a-rèir abairt, àite no ceann-latha, pàirt a ghabhail ann an tachartasan (fiù ’s gun fheum air cunntas) agus an cur ris a’ chlàr-ghnothaich agad.\n\n- Na pròifilean agad\nMa shuidhicheas tu cunntas air ionstans de Mhobilizon, ’s urrainn dhut iomadh pròifil a chruthachadh (can: pearsanta, proifeiseanta, cur-seachadan, iomairtean is msaa.), tachartasan a chur air dòigh is buidhnean a stiùrieadh.\nMus cruthaich thu cunntas air ionstans, faigh a-mach mar a tha an t-ionstans ud ag obair is leugh an duilleag “mu dhèidhinn” aige ach an tuig thu na riaghailtean is poileasaidhean aige-san.\n\n- Na buidhnean agad\nAir Mobilizon, bidh duilleag phoblach aig gach buidheann far an urrainn dhut sùil a thoirt air na postaichean is tachartasan poblach as ùire aig a’ bhuidheann.\nNuair a gheibh iad cuireadh do bhuidheann, ’s urrainn dha na buill pàirt a ghabhail sna deasbadan gus pasgan co-roinnte de ghoireasan a stiùireadh (can ceanglaichean gu inneal sgrìobhaidh co-roinnte, uicidh is msaa.)"; "changelogs/1.txt:1" = "A’ chiad sgaoileadh"; "changelogs/2.txt:1" = "- Càraich putanan a dhìth air stòradh thachartasan\n- Càraich duilgheadas leis a’ phrìomh chlàr-taice"; /* - Pamięć podręczna nie jest czyszczona po udostępnieniu nowej wersji - Nowe lokalizacje */ "changelogs/3.txt:1" = "- Cha deach an tasgadan a ghlanadh nuair a bha sgaoileadh ùr ri fhaighinn\n- Eadar-theangachaidhean ùra";