Translate Toolkit
Reprenons le contrôle de nos événements
Gabhamaid an smachd air na tachartasan againn fhìn
Ensemble, on va plus loin
Thèid sinn nas fhaide còmhla
développé par @:color.soft
’ga leasachadh le @:color.soft
Rassembler
Cruinnich
Organiser
Cuir air dòigh
Mobiliser
Iomair
Un outil convivial, émancipateur et éthique pour se rassembler, s’organiser, se mobiliser.
Inneal saor beusail airson cruinneachadh, cur air dòigh, ’s iomairtean.
Nous soutenir
Thoir taic dhuinn
Un outil pratique
Acainn prataigeach
Mobilizon est un outil qui vous permet de **trouver, créer et organiser
des événements**.
Vous pouvez aussi y **publier une page pour votre groupe** où les membres
pourront **s’organiser ensemble**.
’S e acainn a th’ ann am Mobilizon a chuidicheas thu ach **an lorg, an cruthaich ’s an cuir thu air dòigh
tachartasan**.
’S urrainn dhut **duilleag a chruthachadh dhan bhuidheann agad** cuideachd
far an urrainn dha na buill nithean **a chur air dòigh còmhla**.
Une alternative éthique
Roghainn bheusail
Alternative éthique aux événements, groupes et pages Facebook, Mobilizon
est **un outil conçu pour vous servir**. Point.
Pas de _like_, de _follow_, ni de mur au _scroll_ infini : **Mobilizon
vous laisse la maîtrise de votre attention**.
’S e roghainn bheusail seach tachartasan, buidhnean is duilleagan Facebook a th’ ann am Mobilizon
is **chaidh a dhealbhadh air do shon-sa**. Sin agad e.
Gun _’S toigh leam_, gun _luchd-leantainn_, gun bhalla gun chrìoch ri _sgroladh_: **’S ann dhut-sa
a bheir Mobilizon an smachd air d’ aire**.
Un logiciel fédéré
Bathar-bog co-naisgte
Mobilizon n’est pas une plateforme géante, mais une **multitude de sites
web Mobilizon interconnectés**.
Cette architecture fédérée permet d’**éviter les monopoles** et d’offrir
une **diversité des conditions d’hébergement**.
Chan e mòr-ùrlar a th’ ann am Mobilizon ach **pailteas de làraichean-lìn Mobilizon a tha co-cheangailte ri càch a chèile**.
Cuidichidh an ailtireachd cho-naisgte ach an **seachnamaid lèir-shealbhachd** agus bheir i
**iomadachd de theirmichean seirbheise òstaidh** dhut.
C’est quoi Mobilizon ?
Dè th’ ann am Mobilizon?
Découvrir sur mobilizon.org
Fidir e air mobilizon.org
## C’est quoi, Mobilizon ?
Mobilizon est un outil en ligne pour vous aider à gérer vos événements,
vos profils et vos groupes.
## Dè th’ ann am Mobilizon?
’S e acainn air loidhne a th’ ann am Mobilizon a chuidicheas thu le stiùireadh nan tachartasan,
nam pròifilean is nam buidhnean agad.
Vos événements
Tachartasan
Sur Mobilizon vous pouvez **créer une fiche détaillée de votre événement**,
le publier et le partager.
Vous pouvez aussi y rechercher des événements par mots-clés, lieux ou dates,
et **vous y inscrire (sans forcément avoir besoin d’un compte)** et les
ajouter à votre agenda.
’S urrainn dhut **duilleag mhionaideach air an tachartas agad** a chruthachadh air Mobilizon,
a foillseachadh ’s a co-roinneadh.
’S urrainn dhut cuideachd tachartasan a lorg a-rèir abairt, àite no ceann-latha, **pàirt a ghabhail ann an tachartasan (fiù ’s gun fheum air cunntas)** agus an cur ris a’ chlàr-ghnothaich agad.
Vos profils
Pròifilean
Créer un compte sur une instance Mobilizon vous permettra de vous
**créer plusieurs profils** (personnel, professionnel, loisirs, militant,
etc.), d’**organiser des événements** et d’**administrer des groupes**.
Pensez à **découvrir le fonctionnement d’une instance, décrit sur sa
page « à propos »**, pour comprendre ses règles et sa politique avant de
vous y créer un compte.
Ma shuidhicheas tu cunntas air ionstans de Mhobilizon, ’s urrainn dhut
**iomadh pròifil a chruthachadh** (can: pearsanta, proifeiseanta, cur-seachadan, iomairtean is msaa.),
**tachartasan a chur air dòigh** agus **buidhnean a stiùireadh**.
Mus cruthaich thu cunntas air ionstans, **faigh a-mach mar a tha an t-ionstans ud ag obair is leugh an duilleag “mu dhèidhinn” aige** ach an tuig thu na riaghailtean is poileasaidhean aige-san.
Vos groupes
Buidhnean
Dans Mobilizon, **chaque groupe dispose d’une page publique** où l’on peut
consulter les derniers **billets et les événements publics** du groupe.
Les membres invités à rejoindre un groupe peuvent **participer aux discussions,
et gérer un classeur de ressources communes** (lien vers un outil d’écriture
collaborative, un wiki, etc.)
Air Mobilizon, **bidh duilleag poblach aig gach buidheann** far an urrainn dhut
sùil a thoirt air na **postaichean is tachartasan poblach** as ùire aig a’ bhuidheann.
Nuair a gheibh iad cuireadh do bhuidheann, ’s urrainn dha na buill **pàirt a ghabhail sna deasbadan
agus pasgan co-roinnte de ghoireasan a stiùireadh** (can ceanglaichean gu inneal sgrìobhaidh co-roinnte,
uicidh is msaa.)
## Un outil émancipateur, conçu différemment
Mobilizon a été conçu comme un outil pratique, qui respecte votre attention,
votre autonomie et vos libertés.
## Acainn saor le dealbhadh eadar-dhealaichte
Chaidh Mobilizon a dhealbhadh mar acainn prataigeach a bheir spèis air d’ aire,
air d’ fhèin-ùghdarras ’s air do shaorsa.
L’économie de votre attention
A’ caomhnadh d’ aire
Mobilizon n’est **pas un média, ni un passe-temps : c’est un outil**.
Vous n’y trouverez pas des fonctionnalités telles que les compteurs
d’abonnements, les pouces sur les commentaires ou les murs d’info à
<i lang="en">scroll</i> infini.
La conception de Mobilizon vise à **libérer votre attention des mécanismes
d’auto-mise en scène**.
Cela permet de rester focalisé sur l’essentiel : gérer vos événements, vos
groupes, votre mobilisation.
**Chan e meadhan sòisealta no cur-seachad** a th’ ann am Mobilizon: **’S e acainn a th’ ann**.
Chan fhaigh thu gleusan mar cunntairean air fo-sgrìobhaidhean, putan “’S toigh leam” no ballachan fiosrachaidh le <i lang="en">sgroladh</i> gun chrìoch.
Tha dealbhadh Mhobilizon ag amas **d’ aire a shaoradh on mhiann
gun cuireadh tu thu fhèin air àrd-ùrlar**.
Leigidh seo leat d’ aire a chumail air na tha cudromach: stiùireadh nan tachartasan,
nam buidhnean is nan iomairtean agad.
La diversité par la fédération
Iomadachd le co-nasgadh
Mobilizon est **un logiciel fédéré** : des hébergeurs peuvent l’installer
sur un serveur pour créer autant d’instances, de site-web Mobilizon.
Les instances Mobilizon peuvent se fédérer entre elles afin qu’un profil
inscrit sur l’instance A puisse contribuer à un groupe créé sur l’instance B.
Cette multiplicité permet de **diversifier les conditions d’hébergement**
(gouvernance, CGU, chartes) et d’**éviter la formation de plateformes
monopolistiques**.
’S e **bathar-bog co-naisgte** a th’ ann am Mobilizon: ’s urrainn do dh’òstairean a stàladh
air frithealaiche airson ionstansan a chruthachadh a tha ’nan làraichean-lìn Mobilizon.
Gabhaidh ionstansan de Mhobilizon an co-nasgadh ach an urrainn do phròifil
a chaidh a chlàradh air an dàrna ionstans pàirt a ghabhail ann am buidheann a chaidh a chruthachadh air an ionstans eile.
On a tha iomadh dhiubh ann, gabhaidh **iomadh cumhaichean òstaidh** a thoirt dhut
(riaghladh, teirmichean na seirbheise, còraichean) agus **seachnaidh sinn gun rachadh ùrlaran lèir-shealbhach
a chruthachadh**.
Le respect de vos libertés
Spèis air do shaorsa
Mobilizon est un logiciel libre. Cela signifie que son code est transparent,
publiquement consultable et qu’**il n’y a pas de fonctionnalité cachée**.
Le code est **construit de manière communautaire**, et chacun·e est libre de
le reprendre pour essayer de mener le projet vers de nouvelles voies.
’S e bathar-bog saor a th’ ann am Mobilizon. Is ciall dha seo gu bheil am bun-tùs follaiseach,
gun gabh lèirmheas poblach a dhèanamh air agus **nach eil gleusan falaichte ann**.
Tha an còd **’ga thogail leis a’ choimhearsnachd** agus faodaidh duine sam bith
gobhal dheth a chruthachadh agus am pròiseact a thoirt gu amasan ùra.
## À vous de jouer
- Tester la [démo de Mobilizon](@:link.mzo-demo)
- Trouver votre [instance sur Mobilizon.org](@:link.mzo)
- Apprendre à utiliser (et installer) Mobilizon sur [notre documentation](@:link.jmz-docs)
- Venir discuter sur [notre forum](@:link.jmz-forum)
## Tha e an urra riut fhèin
- Feuch [Mobilizon demo](@:link.mzo-demo)
- Lorg [an ionstans agad air Mobilizon.org](@:link.mzo)
- Faigh a-mach mar a chleachdas (is mar a stàlaicheas) tu Mobilizon leis [an docamaideadh againn](@:link.jmz-docs)
- Thig a bhruidhinn rinn air [a’ bhòrd-bhrath againn](@:link.jmz-forum)
Qui est derrière Mobilizon ?
Cò tha air cùlaibh Mobilizon?
Mobilizon est **un logiciel libre gratuit financé par une association**
française à but non lucratif : Framasoft
Créée en 2004, l’association se consacre désormais à **l’éducation populaire
aux enjeux du numérique**. Notre petite structure (moins de 40 membres,
moins de 10 salarié·es) est connue pour avoir réalisé le projet Dégooglisons
Internet, proposant 34 outils en ligne éthiques et alternatifs.
Reconnue d’intérêt général, notre association **est financée à plus de 90 %
par vos dons**, déductibles des impôts pour les contribuables français·es.
**Plus ce logiciel sera utilisé et soutenu, plus des personnes l’utiliseront
et y contribueront, et plus vite il évoluera vers une alternative concrète
aux plateformes telles que Facebook Events ou Meetup**.
’S e **bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte** a th’ ann am Mobilizon a tha **’ga ghlèidheadh ’s ’ga mhaoineachadh le Framasoft, buidheann neo-phrothaideach Frangach**.
Chaidh an comann a stèidheachadh ann an 2004 is tha e ag amas **foghlam a thoirt dhan mhòr-shluagh
mu dhùbhlain na h-aoise digitiche**. Tha am buidheann beag againn (nas lugha na 40 ball,
nas lugha na 10 luchd-fhastaidh) cliùiteach airson a’ phròiseact “De-google-ify Internet” agus ag òstadh 34 acainn beusail air loidhne airson roghainn eile a thoirt dhut.
Tha am buidheann aithnichte ’na chùis ùidhe choitcheann agus **còrr is 90% dheth ’ga mhaoineachadh le tabhartasan** is tha e ceadaichte tabhartasan a chur an aghaidh chìsean nuair a bhios tu a’ pàigheadh cìsean san Fhraing.
**Mar as trice a thèid am bathar-bog againn a chleachdadh ’s a gheibh e taic, ’s ann as motha de dhaoine a chleachdas e
’s a chuireas ris agus ’s ann as luaithe a thèid e na dheagh roghainn eile airson ùrlaran mar Facebook Events no Meetup**.
On ne changera pas le monde depuis Facebook. L’outil dont nous rêvons, les entreprises du capitalisme de surveillance sont incapables de le produire, car elles ne sauraient pas en tirer profit. <br />C’est l’occasion de faire mieux qu’elles, en faisant autrement.
Chan atharraich sinn an saoghal le Facebook. Cha chruthaich calpachas caithris ’an acainn a bu chaomh leinne air sgàth ’s nach fhaigheadh iad prothaid às.<br /> Thàinig an t-àm airson rud nas fheàrr a thogail le dòighean diofraichte.
Lire la note d’intention de Framasoft sur le Framablog
Leugh aithris-rùin Framasoft air Framablog