"title" = "Gabhamaid an smachd air na tachartasan againn fhìn";
"subtitle" = "Thèid sinn nas fhaide còmhla";
"devby" = "’ga leasachadh le @:color.soft";
"intro->tags->[0]" = "Cruinnich";
"intro->tags->[1]" = "Cuir air dòigh";
"intro->tags->[2]" = "Iomair";
"intro->title" = "Inneal saor beusail airson cruinneachadh, cur air dòigh, ’s iomairtean.";
"intro->support" = "Thoir taic dhuinn";
"prez->tool->title" = "Acainn prataigeach";
"prez->tool->md" = "’S e acainn a th’ ann am Mobilizon a chuidicheas thu ach **an lorg, an cruthaich ’s an cuir thu air dòigh\ntachartasan**.\n\n’S urrainn dhut **duilleag a chruthachadh dhan bhuidheann agad** cuideachd\nfar an urrainn dha na buill nithean **a chur air dòigh còmhla**.";
"prez->alt->title" = "Roghainn bheusail";
"prez->alt->md" = "’S e roghainn bheusail seach tachartasan, buidhnean is duilleagan Facebook a th’ ann am Mobilizon\nis **chaidh a dhealbhadh air do shon-sa**. Sin agad e.\n\nGun _’S toigh leam_, gun _luchd-leantainn_, gun bhalla gun chrìoch ri _sgroladh_: **’S ann dhut-sa\na bheir Mobilizon an smachd air d’ aire**.";
"prez->soft->title" = "Bathar-bog co-naisgte";
"prez->soft->md" = "Chan e mòr-ùrlar a th’ ann am Mobilizon ach **pailteas de làraichean-lìn Mobilizon a tha co-cheangailte ri càch a chèile**.\n\nCuidichidh an ailtireachd cho-naisgte ach an **seachnamaid lèir-shealbhachd** agus bheir i\n**iomadachd de theirmichean seirbheise òstaidh** dhut.";
"prez->btn->[0]" = "Dè th’ ann am Mobilizon?";
"prez->btn->[1]" = "Fidir e air mobilizon.org";
"what->intro" = "## Dè th’ ann am Mobilizon?\n\n’S e acainn air loidhne a th’ ann am Mobilizon a chuidicheas thu le stiùireadh nan tachartasan,\nnam pròifilean is nam buidhnean agad.";
"what->event->title" = "Tachartasan";
"what->event->md" = "’S urrainn dhut **duilleag mhionaideach air an tachartas agad** a chruthachadh air Mobilizon,\na foillseachadh ’s a co-roinneadh.\n\n’S urrainn dhut cuideachd tachartasan a lorg a-rèir abairt, àite no ceann-latha, **pàirt a ghabhail ann an tachartasan (fiù ’s gun fheum air cunntas)** agus an cur ris a’ chlàr-ghnothaich agad.";
"what->profile->title" = "Pròifilean";
"what->profile->md" = "Ma shuidhicheas tu cunntas air ionstans de Mhobilizon, ’s urrainn dhut\n**iomadh pròifil a chruthachadh** (can: pearsanta, proifeiseanta, cur-seachadan, iomairtean is msaa.),\n**tachartasan a chur air dòigh** agus **buidhnean a stiùireadh**.\n\nMus cruthaich thu cunntas air ionstans, **faigh a-mach mar a tha an t-ionstans ud ag obair is leugh an duilleag “mu dhèidhinn” aige** ach an tuig thu na riaghailtean is poileasaidhean aige-san.";
"what->group->title" = "Buidhnean";
"what->group->md" = "Air Mobilizon, **bidh duilleag poblach aig gach buidheann** far an urrainn dhut\nsùil a thoirt air na **postaichean is tachartasan poblach** as ùire aig a’ bhuidheann.\n\nNuair a gheibh iad cuireadh do bhuidheann, ’s urrainn dha na buill **pàirt a ghabhail sna deasbadan\nagus pasgan co-roinnte de ghoireasan a stiùireadh** (can ceanglaichean gu inneal sgrìobhaidh co-roinnte,\nuicidh is msaa.)";
"design->intro" = "## Acainn saor le dealbhadh eadar-dhealaichte\n\nChaidh Mobilizon a dhealbhadh mar acainn prataigeach a bheir spèis air d’ aire,\nair d’ fhèin-ùghdarras ’s air do shaorsa.";
"design->attention->title" = "A’ caomhnadh d’ aire";
"design->attention->md" = "**Chan e meadhan sòisealta no cur-seachad** a th’ ann am Mobilizon: **’S e acainn a th’ ann**.\nChan fhaigh thu gleusan mar cunntairean air fo-sgrìobhaidhean, putan “’S toigh leam” no ballachan fiosrachaidh le sgroladh gun chrìoch.\n\nTha dealbhadh Mhobilizon ag amas **d’ aire a shaoradh on mhiann\ngun cuireadh tu thu fhèin air àrd-ùrlar**.\nLeigidh seo leat d’ aire a chumail air na tha cudromach: stiùireadh nan tachartasan,\nnam buidhnean is nan iomairtean agad.";
"design->federation->title" = "Iomadachd le co-nasgadh";
"design->federation->md" = "’S e **bathar-bog co-naisgte** a th’ ann am Mobilizon: ’s urrainn do dh’òstairean a stàladh\nair frithealaiche airson ionstansan a chruthachadh a tha ’nan làraichean-lìn Mobilizon.\nGabhaidh ionstansan de Mhobilizon an co-nasgadh ach an urrainn do phròifil\na chaidh a chlàradh air an dàrna ionstans pàirt a ghabhail ann am buidheann a chaidh a chruthachadh air an ionstans eile.\n\nOn a tha iomadh dhiubh ann, gabhaidh **iomadh cumhaichean òstaidh** a thoirt dhut\n(riaghladh, teirmichean na seirbheise, còraichean) agus **seachnaidh sinn gun rachadh ùrlaran lèir-shealbhach\na chruthachadh**.";
"design->freedom->title" = "Spèis air do shaorsa";
"design->freedom->md" = "’S e bathar-bog saor a th’ ann am Mobilizon. Is ciall dha seo gu bheil am bun-tùs follaiseach,\ngun gabh lèirmheas poblach a dhèanamh air agus **nach eil gleusan falaichte ann**.\n\nTha an còd **’ga thogail leis a’ choimhearsnachd** agus faodaidh duine sam bith\ngobhal dheth a chruthachadh agus am pròiseact a thoirt gu amasan ùra.";
"design->go->title" = "design->go->title";
"design->go->subscribe->title" = "design->go->subscribe->title";
"design->go->subscribe->md" = "design->go->subscribe->md";
"design->go->contribute->title" = "design->go->contribute->title";
"design->go->contribute->md" = "design->go->contribute->md";
"who5->title" = "who5->title";
"who5->md" = "who5->md";
"quote->text" = "Chan atharraich sinn an saoghal le Facebook. Cha chruthaich calpachas caithris ’an acainn a bu chaomh leinne air sgàth ’s nach fhaigheadh iad prothaid às.
Thàinig an t-àm airson rud nas fheàrr a thogail le dòighean diofraichte.";
"quote->blog->text" = "Leugh aithris-rùin Framasoft air Framablog";