"title" = "Ceist no dhà airson eòlas fhaighinn air Mobilizon…"; "adoption->title" = "Goireasan"; "adoption->signup->q" = "Ciamar a nì mi clàradh?"; "adoption->signup->a" = "Sa chiad dol a-mach, feumaidh tu ionstans de Mhobilizon a lorg, ’s e seo\nlàrach-lìn Mobilizon a stàlaich òstair air frithealaiche.\n\nGheibh thu **ar roghadh is taghadh de dh’ionstansan air\n[mobilizon.org](@:link.mzo)**. Thoir an aire gu bheil an roghainn seo stèidhichte air\nna beachdan againn fhèin nach eil a-rèir na bhios freagarrach dhut-sa ma dh’fhaoidte.\n\nGheibh thu **[liosta nas coileanta de dh’ionstansan poblach dhe Mhobilizon\nair an duilleag seo](@:link.jmz-instances)**.\n\nAirson deagh thaghadh a dhèanamh air an ionstans agad de Mhobilizon, leugh an duilleag “mu dhèidhinn”\naige. Bu chòir dhan duilleag sin innse dhut cò tha ag òstadh an ionstans agus carson agus dè na cumhaichean a th’ air."; "adoption->install->q" = "Ciamar a stàlaicheas mi Mobilizon air an fhrithealaiche agam?"; "adoption->install->a" = "Tha sinn a’ mìneachadh an dòigh a mholamaid san [docamaideadh againn air mar a stàlaicheas tu Mobilizon](@:link.jmz-docs/administration/install) air an fhrithealaiche agad.\n\nCuiridh sinn ris an docamaideadh sin nuair a\ngheibh sinn cuideachadh le glèidheadh\ndòighean stàlaidh eile (Docker, mar eisimpleir)"; "adoption->use->q" = "Ciamar a dh’ionnsaicheas mi Mobilizon a chleachdadh?"; "adoption->use->a" = "Gheibh thu [leabhar-mìneachaidh dhan luchd-cleachdaidh Mobilizon an-seo](@:link.jmz-docs/use).\n\nMura lorg thu freagairt dhan cheist agad ann no\nma tha thu dhen bheachd gu bheil fiosrachadh a dhìth, thig a bhruidhinn rinn\nair [bòrd-brath an luchd-cuideachaidh againn](@:link.jmz-forum)."; "adoption->develop->q" = "Ciamar a chuireas mi ri còd Mobilizon?"; "adoption->develop->a" = "Sa chiad dol a-mach, feumaidh tu a bhith eòlach air Git agus Elixir.\nMur eil càil a dh’fhios agad cò air a tha sinn a-mach,\nchan eil am pròiseict deis airson gabhail ris a’ chòd agad fhathast. Tha sinn duilich mu sin!\n\nMa tha thu eòlach air na h-innealan sin, cha leig thu leas ach tadhal air [ionad-tasgaidh a’ bhathair-bhog](@:git.mobilizon)\nagus issue no fork dhen ionad-tasgaidh a chruthachadh airson an tabhartas agad a mholadh.\n\nGu nàdarra, tha e nas fheàrr bruidhinn ri chèile mus tòisich thu air an obair. \n’S urrainn dhut [an seòmar\nMatrix againn](https://matrix.to/#/#Mobilizon:matrix.org) a chleachdadh airson sin."; "adoption->contribute->q" = "Ciamar a chuidicheas mi le Mobilizon mur eil comas prògramachaidh agam?"; "adoption->contribute->a" = "’S e an dòigh as fhasa gun dig thu a bhruidhinn rinn ann an [rùm Mobilizon](@:link.jmz-forum) air a’ bhòrd-bhrath againn.\n\nThoir an aire nach e companaidh teicneolais eadar-nàiseanta a th’ annainn\nno fiù ’s startup ach comann le nas lugha na 40 ball\n(a nì pròiseactan eile aig an aon àm cuideachd).\nNa gabh dragh mura faigh thu freagairt uainn sa bhad. Èistidh sinn riut!"; "utility->title" = "Cleachdadh"; "utility->social->q" = "Ciamar a bhrosnaicheas mi na tha mi ris is cò th’ annam air Mobilizon?"; "utility->social->a" = "Thoir an aire: mas e àrdachadh, sluagh-chòrdadh,\ndol bìorail, cliù, goileam is msaa. a tha fainear dhut, cha chreid sinn gur e Mobilizon\na tha san acainn cheart dhut.\n\nLeigidh Mobilizon leat tachartasan fhoillseachadh agus\nnithean a chur air dòigh am broinn buidhnean (a’ gabhail a-staigh deasbadan, àite airson ceanglaichean a cho-roinneadh\nagus foillseachadh thiceadan).\n\n**Chan e ùrlar meadhain shòisealta no acainn conaltraidh bìorail a th’ ann am Mobilizon**:\nbu chòir dhut beachdachadh air mar rùm neo-eisimeileach dhan bhuidheann agad\nagus ’s urrainn do bhuill a’ bhuidhinn leantainn air susbaint ùr ann.\n\nMa tha thu airson aire a thoirt air tachartas no post a dh’fhoillsich am buidheann agad air\nMobilizon, b’ fheàirrde thu an ceangal a cho-roinneadh air meadhanan sòisealta a tha ann,\nair liostaichean puist no le dòighean conaltraidh shòisealta eile."; "utility->group->q" = "Ciamar a chuidicheas Mobilizon mi le eagrachadh a’ bhuidhinn agam?"; "utility->group->a" = "Chaidh gleusan Mobilizon a dhealbhadh ach am freagair iad ri feumalachdan bhuidhnean\na bu mhiann leotha am fèin-eagrachadh gu prìobhaideach fhad ’s a bhios iad ann gu poblach fhathast.\n\nTha seo ’ga thoirt dhut le iomadh acainn a tha poblach no prìobhaideach dhan bhuidheann:\n- _(poblach)_ duilleag taisbeanaidh a’ bhuidhinn,\n a’ gabhail a-staigh tuairisgeul cho math ri tachartasan is tiocaidean poblach;\n- _(poblach no prìobhaideach)_ acainn foillseachadh thachartasan;\n- _(poblach no prìobhaideach)_ acainn airson postaichean fhoillseachadh, coltach ri meanbh-bhloga;\n- _(prìobhaideach)_ acainn airson deasbad sa bhuidheann, coltach ri roinn-seòrsa bùird-bhrath;\n- _(prìobhaideach)_ eòlaire le ceanglaichean a tha feumail dhan bhuidheann, le inntrigeadh dìreach gu\n acainnean co-obrachail.\n\nTha na h-acainnean seo ann ach nach biodh na h-iomairtean agaibh cuingichte air\ntaga hais is cruinneachadh agus bheir seo an comas dhuibh gun cruthaich sibh coimhearsnachd agus gum brosnaich sibh daoine ach an dèanadh sibh nithean còmhla."; "utility->outlaw->q" = "On a tha e saor, am faod mi ràdh na thogras mi? Can, stuth mì-laghail cuideachd?"; "utility->outlaw->a" = "Cha chiall do shaorsa nach biodh tu fo bhuaidh an lagha! Faodaidh \ngach ionstans de Mhobilizon na teirmichean is cumhaichean cleachdaidh aige fhèin a stèidheachadh\nfhad ’s a ghèilleas gad ris an lagh a bheir buaidh orra.\n\nMar eisimpleir, chan eil susbaint a dh’àicheidh An t-Olocost ceadaichte san Fhraing agus\ngabhaidh aithris dha na h-ùghdarrasan. Bheir Mobilizon comas do luchd-cleachdaidh an eadar-lìn gun\ndèan iad gearan mu dhroch-shusbaint dha na daoine a tha ag òstadh\nan t-ionstans agus feumaidh gach solaraiche òstaidh maorsainneachd a dhèanamh an uairsin\na-rèir nan teirmichean cleachdaidh aca agus an lagha.\n\nLeigidh an siostam co-naisgte leis na h-òstairean co-dhùnadh\na dhèanamh dhaibh fhèin cò ris a bu toigh leatha co-nasgadh a dhèanamh is cò a sheachnaicheas iad a-rèir nan seòrsaichean\nde shusbaint no poileasaidhean na maorsainneachd chàich."; "utility->liability->q" = "Cò tha an urra ris an t-susbaint a thèid fhoillseachadh air Mobilizon?"; "utility->liability->a" = "Chan e ùrlar meadhanaichte a th’ ann am Mobilizon: ’s e aplacaid bathair-bhog a th’ ann.\nLeigidh e le solaraiche òstaidh làrach-lìn a chruthachadh a chùm stiùireadh thachartasan\nis bhuidhnean. Canaidh sinn _ionstans de Mhobilizon_ ri làrach-lìn dhen leithid.\n\n’S e an cleachdaiche a dh’fhoillsicheas susbaint mhì-laghail no droch-shusbaint\na bhios as coireach dhi fon lagh sa chiad dol a-mach.\n\nGidheadh, a-rèir laghan na dùthcha sa bheil an t-ionstans de Mhobilizon stèidhichte,\ndh’fhaoidte gu bheil an t-òstair as coireach còmhla\na thaobh susbaint mhì-laghail sam bith air an làrach-lìn aca.\n\nMar eisimpleir, san Fhraing, bidh òstair sam bith a gheibh fios air slighe iomchaidh na còrach\nmu shusbaint a tha mì-laghail gu follaiseach as coireach còmhla mura gabh iad ceuman\ngus an t-susbaint a dhì-fhoillseachadh cho luath ’s a ghabhas."; "utility->join-group->q" = "Ciamar a gheibh mi ballrachd ann am buidheann?"; "utility->join-group->a" = "Ann an tionndadh 1.1.0 de Mhobilizon, chan urrainn dhut\ninntrigeadh do bhuidheann iarraidh: tha am putan `Faigh ballrachd ann am buidheann` à comas\nair duilleag poblach gach buidhinn.\n\nGidheadh, tha sinn a’ sealltainn am putan seo (cuide ri teachdaireachd a mhìnicheas\nnach _“fhaigh thu ballrachd ann am buidheann ach le cuireadh”_)\nair sgàth ’s gu bheil fainear dhuinn an gleus seo a chur ris san àm ri teachd.\n\nAnn an acainn co-naisgte, thig iomadh dòigh cleachdaidh iom-fhillte an lùib\nprògramachadh a’ phutain sin. Tha sinn feumach air ùine fhathast\nairson a dhèanamh mar bu chòir.\n\nSan eadar-àm, nach cuir thu beachd ri tachartas poblach a’ bhuidhinn a dh’innseas dhaibh gum bu toigh leat cuireadh fhaighinn?"; "utility->attention->q" = "Carson nach urrainn dhomh leantainn air pròifil no moladh dha mo charaidean gun lean iad air a’ phròifil agam air Mobilizon?"; "utility->attention->a" = "Chan urrainn air sgàth ’s nach e ùrlar meadhain shòisealta a th’ ann am Mobilizon.\n\nCleachdaidh na companaidhean teicneolais mòra siostaman a nì dèan brath-foill air ar fèin-spèis airson\nar n-aire a ghlacadh. Tha an dòigh air a nochdas iad le àireamhan mòra\nco mheud daoine a tha “a’ leantainn” oirnn ’gar brìodail agus ’gar brosnachadh\nach an rachadh sinn an sàs ann ’s gun cuireamaid ar beatha air na h-àrd-ùrlaran aca.\n\nFaodaidh droch-dhìol a thighinn air daoine an cois an tracaidh a nì acainnean digiteach air an gnìomhachdan\nfhad ’s nach cuir a leithid ri feumalachd acainn stiùireadh thachartasan is buidhnean idir.\n\n’S e na buidhnean seach daoine fa leth a tha\naig cridhe Mobilizon."; "politics->title" = "Poileataigs"; "politics->facebook->q" = "Carson nach eil Mobilizon nas coltaiche ri Facebook?"; "politics->facebook->a" = "Cha deach Mobilizon a dhealbhadh mar “mharbhaiche Facebook”.\n\nTha sinn a’ tuigsinn dè cho cunnartach a dh’fhaodas e bhith nuair a thèid duilleag thachartasan airson cruinneachadh cathachail òstadh\nair Facebook, a tha ’na ùrlar lèir-shealbhach a [bhrosnaicheas\nsgainnealan](https://dayssincelastfacebookscandal.com) mu bheathannan prìobhaideach\nagus brathan-foill air barailean a’ mhòr-shluaigh.\nGidheadh, chan eil ar acainnean ach beag an coimeas ris an fheadhainn a th’ aig na companaidhean-lìn mòra.\n\nTòisicheamaid le acainn nach dèan a h-uile càil ach a nì na nì e gu math. Seo acainn a chaidh a thogail air sàr-bhunait ’s a dh’fhaodas fàs le tabhartasan.\n\nChuir sinn romhainn gun doir sinn ar n-aire air feumalachdan sònraichte aig\nèisteachd sònraichte (luchd-iomairt) ach cha chùm seo coimhearsnachdan eile\no chleachdadh Mobilizon air adhbharan eile.\nSa cheann fhada, tha fainear dhuinn gun dèan sinn an t-acainn nas fhreagarraiche\ndhan èisteachd eadar-dhealaichte sin.\n\nChan eil sinn airson togsaigeachd Facebook ath-chruthachadh. Cleachdaidh [calpachas caithris](https://mooc.chatons.org/mod/lesson/view.php?id=70)\nuidheamachd eaconamaidh na h-aire airson grèim fhaighinn air ar n-ùine,\nar giùlain a ghlacadh agus sanasachd a sparradh oirnn.\n\nChan eil Mobilizon an eisimeil air modal gnìomhachais dhen leithid: tha cothrom againn\ngun cleachd sinn dòighean nas fheàrr agus eadar-dhealaichte."; "politics->activists->q" = "A bheil e fìor gun deach Mobilizon a dhealbhadh dhan luchd-iomairt? Am biodh e gu feum dhomh air adhbaran eile?"; "politics->activists->a" = "Chaidh Mobilizon a dhealbhadh mar acainn a fhreagras ri feumalachdan\nan luchd-iomairt sa chiad dol a-mach ach an urrainn dhaibh tighinn còmhla.\n\nIs ciall dha sin gun do rinn sinn agallamhan le daoine a bheachdaicheas orra fhèin mar luchd-iomairt ach an tuigeamaid na dòighean digiteach aca agus\ngum beachdaicheamaid air an acainn a fhreagras ris na bhiodh iad-san an dùil air.\n\nGed a tha an dealbhadh againn ag amas air luchd-iomairt, \ncha chiall dha sin nach eil sinn deònach gun cleachd thu air adhbharan eile e. Tha sinn dhen bheachd ma tha acainn math gu leòr airson taic a thoirt do bhuidheann\nach an cuir iad togail fianais air dòigh, bu chòir dha a bhith iomchaidh cuideachd\ndo theaghlach a tha a’ cur cèilidh co-là breith air dòigh os ìosal :wink:!\n\nLos sgeul fada chur an giorrad, ge b’ e cò thusa, faodaidh tu Mobilizon a chleachdadh\nmar a thogras tu."; "politics->who->q" = "Cò leasaicheas dè ann am Mobilizon?"; "politics->who->a" = "Tha Mobilizon ’ga leasachadh le Framasoft, seo comann Frangach\nairson foghlam poblach air cuspairean digiteach.\n\nDh’fhastaich sinn neach-leasachaidh, tcit, a tha ag obair air\na h-uile pròiseact a bhios Mobilizon feumach air o chionn 2018:\n\n- Leasachadh ghleusan ùra agus [obair-ghlèidhidh air\n a’ bhathar-bhog](@:git.mobilizon);\n- Beachdachadh mun ailtireachd is dealbhadh agus an t-àm ri teachd do Mhobilizon (còmhla ris an dealbhaiche @:people.mcgodwin);\n- Ullachadh thionndaidhean seasmhach ùra agus conaltradh (ticeadan,\n bloga, loga nan atharraichean is msaa.);\n- Cruthachadh is obair-ghlèidhidh air [inneacs nan ionstansan\n de Mhobilizon](@:link.jmz-instances);\n- Cruthachadh is obair-ghlèidhidh air [docamaideadh Mobilizon](@:link.jmz-docs);\n- Taic do phròiseactan Mobilizon is deasbadan orra air tracaichean bhugaichean, air a’ bhòrd-bhrath is air an t-seanail Matrix\n no air a’ phost-d;\n- Lèirmheasan air còd is filleadh a-steach nam pull requests/merge requests cho math ri\n taic do ghleusan a chaidh a chur ris le luchd-cuideachaidh on taobh a-muigh\n (càradh air bugaichean, docamaideadh, factorisation is msaa.);\n- Obair-ghlèidhidh air iomadh ionstans de Mhobilizon.\n\nNì tcit obair air pròiseactan taobh a-staigh Framasoft cuideachd.\n(Framagenda, Framapiaf, admin-sys is msaa.). Is ciall dha seo nach eil ann ach aonar ’ga fhastadh a stiùiricheas\nMobilizon leis fhèin agus na pròiseactan uile an urra ris\na bharrachd air obair eile a tha aige ri dhèanamh.\n\nCuiridh buill eile dhe Framasoft, an dà chuid air fhastadh is gu saor-thoileach, ri pròiseact Mobilizon cuideachd air iomadh dòigh (ro-innleachd, conaltradh, docamaideadh, leasachadh, togail coimhearsnachd). \n\n’S ann **nach eil** Mobilizon ’ga leasachadh le _startup_, le sgioba de\n50 daoine agus sruth-obrach _workflow_ làn _phròiseasan_ teanna.\n\nAir an adhbhar sin, bheir e ùine ach an doir Framasoft piseach air a’ bhathar-bhog air an astar againn fhìn agus leis na dòighean neo-chumanta againn\na shoirbhich gu math leinn gu ruige seo."; "politics->centrist->q" = "’S e acainn a th’ ann an Mobilizon. A bheil seo a’ ciallachadh gu bheil e neo-phàirteach? Gun phoileataigs?"; "politics->centrist->a" = "Chan eil.\n\nCha chreid sinn gu bheil acainn sam bith neo-phàirteach: bheir an dòigh air an deach acainn\na dhealbhadh agus na lorgan a dh’fhàgas e sa chultar againn \nbuaidh air ar giùlain. ’S ann air na h-adhbharan sin\ngun gluais ar làimh gu cas an sgriubhaire\nseach an taobh eile.\n\nTha Mobilizon ’ga leasachadh le Framasoft, seo comann Frangach\nairson foghlam poblach air cuspairean digiteach.\n\nTha Mobilizon na phàirt de dh’iomadh gnìomh a chruinnich comann Framasoft\nsan iomairt againn air [Contributopia](@:link.cuo).\nTha na gnìomhan sin ag amas air roghainn eile de dh’acainnean digiteach a mholadh\nseach an fheadhainn a tha calpachas caithris a’ solar dhuinn ach an urrainn dhan fheadhainn\ndha nach frithealaich siostam dhen leithid rumannan airson an saorsa fhèin a chruthachadh.\n\nA thoradh air sin, dh’fhaoidte nach còrd leasachadh Mobilizon agus/no stiùireadh nan làraichean\na tha co-cheangailte ri Mobilizon (joinmobilizon.org, mobilizon.org,\ninstances.mobilizon.org is msaa.) ris a h-uile duine\n(gu h-àraidh ris an fheadhainn aig a bheil barailean, ideòlas no cultar diofraichte).\n\nTha spèis againn air sin agus bu toigh leinn cur ’nar chuimhne gu bheil a h-uile bathar-bog aig \npròiseact Mobilizon saor agus gun gabh a dhùblachadh agus leasachadh le\nbuaidhean cultarach eile."; "politics->others->q" = "Carson an do chruthaich sibh Mobilizon on a tha GetTogether / Demosphere / is msaa. ann? Dè an diofar eadar na h-acainnean sin?"; "politics->others->a" = "Mus do chuir sinn romhainn dà bhliadhna a thoirt seachad air leasachadh Mobilizon,\nthug sinn sùil air na bha càch ris gu cùramach agus airson\nbeachdachadh am bu chòir dhuinn cuideachadh a thoirt do phròiseact a bha ann mu thràth.\n\nTha acainnean stiùireadh thachartasan is bhuidhnean eile ri fhaighinn a tha\ninntinneach ach cha do lorg sinn fear sam bith a fhreagras ris gach feumalachd againne.\n\nBha sinn ag iarraidh bathar-bog saor le còd fosgailte a bhiodh co-naisgte le pròtacal ActivityPub,\na dh’obraicheadh air sgèile mòr, le dealbhadh taobh a-muigh eaconamaidh nan siostaman aire \nagus a fhreagradh ri feumalachdan luchd-iomairt. Cha robh bathar-bog dhen leithid ann,\nmar sin rinn sinn fhìn e.\n\nChan eil sinn a’ tagairt gu bheil Mobilizon nas fheàrr na gin dhe na h-acainnean eile sin. Tha e a’ freagairt ri luchd-èisteachd, ri feumalachd.\nTha sinn dhen bheachd gu bheil e math ma tha iomadh pròiseact eadar-dhealaichte ann.\nDh’ionnsaich an calpachas dhuinn gum beachdaicheamaid air: “aon mhiann, aon fheumalachd, aon bhrannd”,\nge b’ e an e sòda no nota beag buidhe steigeach a th’ ann.\nTha sinn dhen bheachd gu bheil feum anns gach acainn agus chan eil sinn ag amas\nacainn ceannasach a dhèanamh de Mhobilizon.\n\nAir deireadh na sgeòil, tha sinn dhen bheachd gun cuidich [coopetition](https://en.wikipedia.org/wiki/Coopetition)\ngun stèidhich acainnean saora is co-naisgte stannardan is gun solair iad\npròtacalan is comasan cleachdaidh nas seasmhaiche."; "politics->trademarks->q" = "A bheil “Mobilizon” ’na chomharra-malairt clàraichte?"; "politics->trademarks->a" = "Tha, tha “Mobilizon” ’na chomharra-malairt clàraichte aig Framasoft ann an iomadh dùthaich\na chùm dìona.\n\nTha Framasoft a’ dearbhadh an-seo nach eil fainear dhuinn gun cleachdamaid seilbheachd innleachdail\nair tòir creiche no airson cleachdadh dligheach a’ bhathair-bhog a chuingeachadh.\nAir an làimh eile, tha Framasoft a’ glèidheadh na còrach gun èignich sinn clàradh a’ chomharra-mhalairt,\ngu h-àraidh ma tha ìomhaigh a’ phròiseict “Mobilizon” ’ga dhochann.\nMholamaid gun cruthaich thu an dearbh-aithne dhigiteach agad fhèin às aonais “Mobilizon”\nair a’ phròiseact agad (ainm a’ bhathair-bhog, ainm na h-àrainne…)\nach nach cuireadh daoine am breisleach cò tha air cùlaibh\nna làraich-lìn/a’ phròiseict.\n\nAirson barrachd fiosrachaidh, faic [còd giùlain nan comharran-malairt againn](https://framasoft.org/en/trademarks)."; "concepts->title" = "Bun-bheachdan"; "concepts->instance->q" = "Dè a th’ ann an ionstans?"; "concepts->instance->a" = "Nuair a stàlaicheas cuideigin Mobilizon air an fhrithealaiche aca, cruthaichidh iad\n_ionstans_ de Mhobilizon. ’S e _làrach-lìn_ a tha sin a tha ’ga gintinn\n’s ’ga stiùireadh le bathar-bog Mobilizon.\n\nBheir an làrach-lìn Mobilizon sin comas dhan luchd-cleachdaidh gun cruthaich iad cunntas, \nbuidhnean, tachartasan is msaa. Thèid an dàta a chruthachadh ’s a neadachadh\nair clàr-cruaidh frithealaiche an ionstans de Mhobilizon an uairsin. Seo as adhbhar\ngun can sinn _òstadh_ ris cuideachd.\n\n’S urrainn dhut beachdachadh air ionstans mar ionad coimhearsnachd no togalach fhlataichean. Stàlaichidh gach neach a chruthaicheas cunntas\nna sealbhan pearsanta (an dàta ’s an t-susbaint digiteach) aca san àite-fuirich.\nGabhaidh gach buidheann a thèid a chruthachadh sealbh air seòmar coitcheann.\n\nDh’fhaoidte gun saoil luchd-cleachdaidh nan seòmraichean sin gur ann\nleothasan a tha an togalach… gidheadh, ’s ann aig an t-òstair\na tha sna ballachan agus is easan a stèidhicheas na riaghailtean coitcheann agus na dòighean air an dèid an èigneachadh."; "concepts->host->q" = "Dè th’ ann an òstair / solaraiche òstaidh?"; "concepts->host->a" = "’S e an neach no, mar as trice, am buidheann de dhaoine\n(comann, companaidh, urras is msaa.) a thairgeas seirbheis air loidhne a th’ ann an “solaraiche òstaidh”.\nGu prataigeach, bidh frithealaiche aig na daoine sin\nair an do stàlaich iad bathar-bog (m.e. bathar-bog Mobilizon).\n’S urrainn dhan mhòr-shluagh an stàladh seo dhen bhathar-bhog ris an can sinn “ionstans” inntrigeadh air loidhne\nmar làrach-lìn Mobilizon.\n\nMar sin, ’s urrainn dhan mhòr-shluagh an t-ionstans inntrigeadh is eadar-ghnìomhan a ghabhail leis is iadsan a’ cruthachadh cunntais, a’ foillseachadh tachartasan, a’ dèanamh deasbad is msaa.\nann am buidhnean.\n’S e fiosrachadh digiteach a tha sna gnìomhan sin uile, mar sin\n’s e dàta a th’ annta a tha ’ga òstadh air clàr-cruaidh frithealaiche an òstair.\n\nTha òstair-lìn coltach ri uachdaran a dh’fhosgail an taigh aca dhan t-sluagh. ’S e an dreuchd a th’ aca gun dèan iad obair-ghlèidhidh air a’ bhun-structar (rianachd an t-siostaim)\nach gun stèidhich is gun èignich iad riaghailtean ionadail cuideachd\n(maorsainneachd, rianachd) no fiù ’s gun dèan iad cinnteach gum bi dàimh chàirdeil\nri sealbhadairean san nàbaidheachd ann ma chuireas an t-òstair roimhe gun dèan iad co-nasgadh leotha-san (poileasaidhean co-nasgaidh)."; "concepts->fediverse->q" = "Dè th’ ann an co-shaoghal?"; "concepts->fediverse->a" = "Tha _co-shaoghal_ a’ ciallachadh bathar-bog, ionstansan is dàta sam bith\na ghabhas eadar-ghnìomhan ri chèile on a bhios iad a’ bruidhinn san aon chànan,\n’s e sin pròtacal Activity Pub.\n\nIs ciall dha seo gun cruinnich an co-shaoghal na cunntasan, tachartasan,\nionstansan is acainnean eile aig a bheil comas gun lorg iad càch a chèile am broinn\nan aon cho-nasgaidh.\n\nTha diofar ann eadar an _co-shaoghal_ agus _co-nasgadh_.\nTha iomadh bathar-bog eadar-dhealaichte ann a chleachdas pròtacal Activity Pub: PeerTube, Mastodon,\nMobilizon, FunkWhale is msaa.\n\nTha iad a’ bruidhinn san aon chànan agus _’s ann gum b’ urrainn dhaibh_ \neadar-ghnìomhan a ghabhail le càch a chèile: mar sin, tha iad am broinn a’ cho-shaoghail.\n\nGu _prataigeach_, cha deach mòran dhe na h-eadar-ghnìomhan a ghabhadh a ghabhail a thoirt gu buil fhathast on a dh’fheumas sinn beachdachadh orra ’s am prògramachadh fhathast\nach am bi iad ri fhaighinn sna bhatharan-bog. An uairsin, feumaidh sinn an sgaoileadh\nle ùrachadh nan stàlaidhean dhen bhathar-bhog air frithealaichean nan òstairean.\n\nNuair a leigeas solaraiche òstaidh leis an ionstans dhen bhathar-bhog aca\neadar-ghìomhan a ghabhail le ionstans air òstair eile, stèidhichidh an dà ionstans sin\na tha ceangailte ri chèile cuid bheag dhen cho-nasgadh.\n\nChan ann ’s gu bheil _aon cho-nasgadh a-mhàin_ sa cho-shaoghal ach\ntha iomadh _builgean co-nasgaidh_ ann a dh’fhaodas a chumail fa leth no a bhith co-cheangailte.";